Àrd-Mhusaeum na h-Èireann
Anns na làithean dona seo
is seann leòn Uladh ’na ghaoid
lionnrachaidh ’n cridhe na h-Eòrpa
agus an cridhe gach Gàidheil
dhan aithne gur h-e th’ ann an Gàidheal,
cha d’ rinn mise ach gum facas
ann an Àrd-Mhusaeum na h-Èireann
spot mheirgeach ruadh na fala
’s i caran salach air an lèinidh
a bha aon uair air a’ churaidh
as docha leamsa dhiubh uile
a sheas ri peilear no ri bèigneid
no ri tancan no ri eachraidh
no ri spreaghadh nam bom èitigh:
an lèine bh’ air Ó Conghaile
ann an Àrd-Phost-Oifis Èirinn
’s e ’g ullachadh na h-ìobairt
a chuir suas e fhèin air sèithear
as naoimhe na ’n Lia Fàil
th’ air Cnoc na Teamhrach an Èirinn.
Tha an curaidh mòr fhathast
’na shuidhe air an t-sèithear,
a’ cur a’ chatha sa Phost-Oifis
’s a’ glanadh shràidean an Dùn Èideann.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|